[00:08.947]Seinn an duan seo dhan Innis Àigh,
[00:18.090]An innis uaine as gile tràigh;
[00:27.703]Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris
[00:38.544]Ach 's e mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh.
[00:49.150]Càit' as tràith' an tig samhradh caomh
[00:58.841]Càit' as tràith' an tig blàth air craoibh
[01:08.480]Càit' as bòidhche an seinn an smeòrach
[01:18.903]Air bhàrr nan ògan? 'S an Innis Àigh!
[01:28.699]Tiugainn leam-sa chun na tràigh
[01:37.607]'S an fheasgar chìuin-ghil aig àm an làin,
[01:46.698]'S chì thu 'm bòidhchead 's an liuthad seòrsa
[01:57.199]De dh'eòin tha còmhnaidh 's an Innis Àigh.
[02:15.537]An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh
[02:24.366]Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh;
[02:33.404]Bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan
[02:43.697]Moch, moch ga iarraidh mun Innis Àigh.
[03:28.366]O 's geàrr an ùine gu 'n teirig là;
[03:37.274]Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh.
[03:45.502]Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach
[03:55.716]Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh.
[04:05.512]Seinn an duan seo dhan Innis Àigh.